Gàidhlig
Mar ionad cultarail na Gàidhealtachd agus an ionad ioma-ealain as motha ann an Alba, tha Eden Court moiteil a bhith a’ cumail taic ri agus a’ comharrachadh cànan is cultar na Gàidhlig.
Tha fàilte chridheil air a’ Ghàidhlig an seo do dh’fhileantaich, luchd-ionnsachaidh no duine sam bith le ùidh sa chànan. Tha an togalach, am prògram agus na tachartasan againn ruigsinneach dhaibhsan aig a bheil Gàidhlig agus a tha ga bruidhinn.
Tha sinn moiteil ar Plana Gàidhlig airson na buidhne a thoirt seachad, far a bheil sinn air mìneachadh mar a bhrosnaicheas sinn, a chomharraicheas agus a chleachdas sinn a’ chànan.
A’ toirt taic do luchd-ealain
Tha sinn cuideachd gu mòr airson taic a thoirt do luchd-ealain a tha ag obair sa Ghàidhlig air feadh na h-Alba, agus gu sònraichte air a’ Ghàidhealtachd. Tha raon farsaing de eòlas aig an sgioba againn agus tha sinn airson seo a chur gu feum agus an roinn a leasachadh. Feuch an cuir thu fios thugainn ma tha thu airson bruidhinn mu phròiseact no beachd aig ìre leasachaidh sam bith, ann an cruth ealain sam bith.
Gheibhear tuilleadh fiosrachaidh do luchd-ealain agus companaidhean, a’ gabhail a-steach mar a bheir sinn taic do luchd-ealain Gàidhealach, gu h-ìosal.
Tha Gàidhlig aig Eden Court a’ faighinn taic o Bhòrd na Gàidhlig