Emily NicDhòmhnaill
she/herManaidsear Phròiseactan Gàidhlig (Gaelic Project Manager)Rugadh is thogadh Emily air a’ Ghàidhealtachd agus dh’ionnsaich i a bhith a’ cluich na fìdhle bho aois òg. Mar sin, thog Emily ùidh anns a’ Ghàidhlig tro cheòl is cultar agus an tìr timcheall oirre.
Às dèidh dhi ceumnachadh ann an Eitneòlas Albannach agus Ceiltis agus Maighstireachd ann an Cultar Dùthchasach agus an Àrainneachd, chaidh Emily air adhart gu bhith ag obair ann an roinn nan ealan, leasachadh na Gàidhlig agus ann am foghlam tro mheadhan na Gàidhlig. Tha Emily gu math mothachail air na cothroman agus am buaidh a th’ aig na h-ealain air daoine de gach seòrsa.
Na dreuchd mar Mhanaidsear Phròiseactan Gàidhlig bidh Emily ag obair gu dlùth leis a’ choimhearsnachd Ghàidhlig a’ toirt chothroman do dhaoine an cuid Gàidhlig a chleachdadh agus a’ dol an-sàs anns na h-ealain.
Air falbh bhon obair is toil le Emily a bhith a-muigh leis an teaghlach òg aice.
Born and brought up in the Highlands and learning the fiddle from an early age, Emily developed an interest in Gaelic through music and culture and the landscape around her.
After completing a degree in Scottish Ethnology and Celtic and a Masters in Cultar Dùthchasach agus an Àrainneachd (Material Culture and the Environment), Emily went on to work in the arts sector, Gaelic development and Gaelic-medium education. As a result, Emily is very aware of the many opportunities and life-changing experiences that the arts can bring people in all walks of life.
In her role as Gaelic Project Manager, Emily is passionate about working with the Gaelic community and providing opportunities for people to use and experience Gaelic through the arts.
Outwith work, Emily loves being outdoors with her young family.